Young Scot Corporate

View Original

Young Scot a’ cumail taic ri GÀIDHEIL Òga

Tha Young Scot air iomairt nàiseanta a chur air bhog gus seirbheisean taic ro-chudromach a thoirt seachad airson òigridh tron Ghàidhlig. Mar phàirt den phrògram, bidh cothrom aig Albannaich òga air comhairle air-loidhne sa Ghàidhlig air iomadh cuspair bho bhith a’ stiùireadh do chuid airgid gu inbhidheachd agus a bhith sàbhailte air-loidhne. 

Tha an àireamh de dhaoine a tha a’ dèanamh leasanan Gàidhig ann an sgoiltean air feadh na h-Alba air fàs 38% bho 2017[1]agus tha a h-uile coltas ann gun lean am fàs sin. Tha an iomairt ùr ag amas air barrachd dhaoine òga a bhrosnachadh gus feuchainn ri Gàidhlig a bhruidhinn agus mar phàirt de seo, tha com-pàirteachas nàiseanta sònraichte ann leis an fhoillsichear dà-chànanach Acair gus lasachadh 10% a thoirt do dhaoine aig a bheil cairt NEC Young Scot air leabhraichean Gàidhlig, Beurla-Ghallda agus dà-chànanach agus air goireasan foghlaim gus deagh thoiseach tòiseachaidh a thoirt do dhaoine.

Chaidh am pròiseact nàiseanta a chur air bhog aig prìomh oifis Young Scot ann an Dùn Èideann, far an robh daoine a bha a’ feuchainn na Gàidhlig airson a’ chiad uair cho math ri daoine òga aig a bheil Gàidhlig mar-thà agus aig a bheil ùidh mhòr innte. Ghabh iad pàirt ann an seisean Cheistean is Fhreagairtean eadar-ghnìomhach le pannal a’ gabhail a-steach riochdairean bho Phàrlamaid na h-Alba. Chomharraich an tachartas na buannachdan do dhaoine òga bho bhith ag ionnsachadh a’ chànain eachdraidheil seo le a dualchas beartach ann an saoghal an latha an-diugh. 

Le 70% de ghnìomhachasan ag ràdh gu bheil luchd-obrach le Gàidhlig nam buannachd dhan chompanaidh[2], tha Young Scot a’ brosnachadh dhaoine òga air feadh na dùthcha gus an sgilean cànain a thoirt air adhart agus gus faighinn a-mach mu na cothroman dreuchdail a tha rim faighinn. Thathas a’ meas gu bheil luach faisg air £150 millean aig a’ Ghàidhlig ann an eaconamaidh na h-Alba agus gu bheil i a’ cruthachadh chothroman dreuchdail ann an gnìomhachasan bho thurasachd gu foghlam.

Thuirt Daibhidh Boag, Stiùiriche Planadh Cànain is Leasachaidhean Coimhearsnachd aig Bòrd na Gàidhlig: “Is e amas a’ Phlana Cànain Nàiseanta Gàidhlig gum bi a’ Ghàidhlig ga cleachdadh nas trice, le barrachd dhaoine ann am barrachd shuidheachaidhean – agus tha seo gu sònraichte cudromach am measg òigridh.  Le cur air bhog a’ ghoireas seo, gheibh 675,000 daoine aig a bheil cairt Young Scot cothrom Gàidhlig a chleachdadh no pàirt a ghabhail anns a’ Ghàidhlig agus tha sin a’ cur fàilte air a’ cheum chudromach seo.”

Thuirt Ruairidh Hamilton, Oifigear Leasachaidh Gàidhlig aig Young Scot: “Tha fios againn gu bheil togail sgilean cànain na dheagh dhòigh gus na cothroman obrach do dh’oigridh na h-Alba a neartachadh.  Tha am pròiseact seo na dhòigh fhìor bhrosnachail do Young Scot a bhith a’ toirt nan goireasan do luchd-labhairt na Gàidhlig a tha a dhìth orra agus gus na buannachdan a shealltainn dhaibh a tha an lùib a bhith a’ cleachdadh na Gàidhlig anns a’ bheatha làitheil. Tha sinn airson ’s gum bi cothrom aig òigridh air comhairle agus taic a chuidicheas iad gus na h-amasan aca airson an àm ri teachd a choileanadh.”

Gus fiosrachadh fhaighinn sa Ghàidhlig no airson taic gus tòiseachadh air Gàidhlig ionnsachadh, faic: young.scot/gaelic

[1] https://www.scilt.org.uk/Portals/24/Library/statistics/Language%20Trends%20Scotland%202012-2018%20V2.pdf

[2] http://news.hie.co.uk/all-news/research-reveals-value-of-gaelic-to-businesses-and-communities-in-scotland/